Tumgik
#eachdraidh nam ban
anarchotolkienist · 1 month
Text
Tumblr media
D. -Ach ciamar chaidh dhaibh nuair ràinig am feachd Pholiceman iad A. -'S e 'th' air sin naidheachd. Chaidh na mnathan gu treuntas anabarach. D. -Càite air an t-saoghal an robh na fir nuair 's e na mnathan a thionndaidh a-mach? A. -Bha iad aig an taigh a' toirt an àire air na pàistean 's a bhruich [sic] bhuntata 's sgadain. D. -Dè dhèanadh na mnathan feadh na bha siud de Pholiceman? A. -Nach gòrach thu a Dhòmhnaill! Nuair chaidh na mhathan an tarraing, chan fhaicheadh tu cùlaibh spailpein caola Ghlaschu le stùr a' fàgail a' ghlinne. (Litreachadh an là an-diugh)
Tìm an Òbain, 17mh den Mhàirt 1883- tha an Còmhradh seo a' dèanamh iomradh air Blàr a' Chumhaing anns an Eilean Sgìtheanach, nuair a chuir muinntir a' Bhràighe - is gu seachd àraid na boireannaich - an ruaig air feachd phoileis a bha air tighinn suas bho Ghlaschu gus daoine fhuadachadh.
7 notes · View notes