Tumgik
misneachdalba · 2 months
Text
IRIS BUAIDH #5
Tumblr media
0 notes
misneachdalba · 3 months
Text
FREAGAIRT MISNEACHD AIR BILE NAN CÀNAN ALBANNACH
Tumblr media
Tha Misneachd air freagairt mhionaideach a sgrìobhadh air Bile nan Cànanan Albannach a tha ro Chomataidh Foghlam, Cloinne agus Dhaoine Òga Pàrlamaid na h-Alba an-dràsta.
Tha sinn a’ fàilteachadh na bile san fharsaingeachd agus a’ creidsinn gur e ceum cudromach air adhart a th’ innte a thaobh stiùireadh nas làidire bhon riaghaltas air ro-innleachd poileasaidh nàiseanta na Gàidhlig, a’ neartachadh foghlam Gàidhlig, agus a’ cruthachadh chothroman ùra gus ceann a’ mhaide a chumail ris an riaghaltas, Bòrd na Gàidhlig agus ri buidhnean poblach eile.
Aig an aon àm dh’fhaodadh a’ bhile a bhith na bu làidire ann an cuid a dh’àiteachan. Bidh tòrr an crochadh air mar a bhios an riaghaltas a’ cleachdadh nan cumhachdan ùra a tha anns an lagh a thaobh fo-reachdas, riaghailtean agus ro-innleachdan reachdail, agus dè an ìre maoineachaidh a bhios ri fhaighinn airson diofar raointean san àm ri teachd. Tha Misneachd ag iarraidh air an Riaghaltas barrachd soilleireachd a thoirt seachad cho luath ’s a ghabhas air na gnothaichean seo.
’S e a’ phàirt as ùire den bhile Earrann 4 a tha a’ dèiligeadh ri ‘sgìrean cànain sònraichte’, a’ coileanadh gealladh an riaghaltais gus ‘Gàidhealtachdan’ oifigeil aithneachadh. B’ urrainn dha na sgìrean seo a bhith air an sònrachadh ann an sgìrean far a bheil sgilean Gàidhlig aig co-dhiù 20% den t-sluagh, far a bheil foghlam Gàidhlig no gnìomhachd Ghàidhlig eile stèidhichte, no far a bheil ceangal eachdraidheil no cultarail ris a’ Ghàidhlig. Tha e coltach, mar eisimpleir, gum b’ urrainn an dà chuid na h-Eileanan Siar agus Glaschu an inbhe seo fhaighinn.
Tha Misneachd a’ cur fàilte air an inbhe ùir seo a tha a’ daingneachadh a’ phrionnsabail gu bheil feumalachdan sònraichte aig diofar sgìrean, fhad ’s a thathar ag aithneachadh gur e cànan nàiseanta a th’ anns a’ Ghàidhlig aig an aon àm.
’S e an duilgheadas a th’ ann leis an earrainn seo nach eil e soilleir dè bhios an inbhe seo a’ ciallachadh no dè seòrsa ghoireasan, structaran-taic agus guth coimhearsnachd a bhiodh ann, nam biodh sìon, aig ìre nas ionadail na ìre na sgìre chomhairle.
Tha Misneachd air dreachd leasachaidh a sgrìobhadh gu chur an àite Earrann 4 sa bhile, stèidhichte air siostam nan sgìrean planaidh cànain ann an Èirinn fo Achd na Gaeltacht 2012. Bhiodh seo a’ sònrachadh aonadan cruinn-eòlach ionadail, anns na h-Eileanan Siar co-dhiù, a bhiodh co-shìnte ri uàrdaichean taghaidh na comhairle, agus bhiodh plana cànain coimhearsnachd, co-dhiù aon oifigear leasachaidh làn-ùine, agus buidseat ionadail anns gach sgìre. Tha sinne a’ moladh buidseat de co-dhiù £150,000 sa bhliadhna do gach sgìre, no £2.7 millean sa bhliadhna do dh’Alba air fad.
“’S e suim mhòr a th’ ann an taca ri na tha ga chosg air leasachadh coimhearsnachd Gàidhlig an-dràsta, ach meadhanach beag an taca ri buidseat na Gàidhlig uile gu lèir, gun luaidh air an sporan phoblach san fharsaingeachd,” thuirt an Dr Christopher Lewin, ball de Mhisneachd agus neach-acadaimigeach a chuidich gus freagairt na buidhne a sgrìobhadh, agus a tha a’ fuireach ann an sgìre Gaeltacht ann an Èirinn an-dràsta.
“Tha sinn ag aithneachadh gu bheil staing eaconamach ann, ach tha cosg ann gun a bhith a’ toirt airgid a-steach dha na coimhearsnachdan seo, agus tha luchd na Gàidhlig airidh agus feumach air tòrr a bharrachd taic.”
Fo na molaidhean againn, bhiodh e cuideachd mar dhleastanas air comhairlean sgìrean a shònrachadh far a bheil 20% den t-sluagh a’ bruidhinn na cànain, seach a bhith roghainneil, mar a tha e sa bhile an-dràsta.
Tha freagairt iomlan Misneachd ri leughadh an seo: https://rb.gy/6sykqd, agus tha sinn a’ brosnachadh an t-sluaigh gus an uiread freagairtean a chur a-steach ron cheann-latha, 8mh Màrt.
Tha pàipear rannsachaidh leis an Dr Lewin mu leasachadh cànain sa choimhearsnachd ann an Èirinn agus ann an Alba ri leughadh anns an iris Scottish Affairs. Tha tionndadh saor an asgaidh ri leughadh an seo. “Cha bhi cothrom mar seo ann a-rithist fad ùine mhòir, ma bhios gu bràth,” a thuirt an Dr Lewin. “Feumar a’ bhile seo a neartachadh uiread ’s a ghabhas, agus ìmpidh a chur air an riaghaltas maoineachadh iomchaidh a chur seachad.”
0 notes
misneachdalba · 10 months
Text
AITHISG A' BHUIDHINN-OBRACH GHEÀRR-BHEATHA
Tumblr media
English below.
Tha sinn a’ cur fàilte air an aithisg air cothroman sòisealta agus eaconamach don Ghàidhlig, a chaidh fhoillseachadh le Riaghaltas na h-Alba air 20 dhen Ògmhios 2023.
📝 Gàidhlig - https://shorturl.at/eBN49 📝 Beurla- https://shorturl.at/yCUV4
Tha an aithisg, a chaidh ullachadh le buidheann neo-eisimeileach de shàr eòlaichean air suidheachadh coimhearsnachdan na Gàidhlig, a’ sònrachadh chothroman far am faodar deagh bhuaidh a thoirt air cor a’ chànain air feadh na h-Alba.
Chaidh Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig a ghabhail air sgìrean san robh a’ Ghàidhlig aig còrr is 20% den t-sluagh a rèir cunntas-sluaigh 2011, ged a tha an aithisg ag aithneachadh cho cugallach ’s a tha cor a’ chànain anns na coimhearsnachdan dùthchasach.
Tha i a’ toirt aire air na dùbhlain dheamografach shònraichte a tha nam bacadh ro bheothalachd nam Prìomh Choimhearsnachdan Gàidhlig agus a’ moladh raon farsaing radaigeach de phoileasaidhean a bhualadh air taigheadas, gnìomhachas, agus bun-structar.
Tha am buidheann-obrach a’ cur an taice “san fharsaingeachd” ri bhith a’ comharrachadh sgìrean Gàidhealtachd oifigeil, ged a tha iad a’ moladh barrachd soilleireachadh air a’ bheachd-phoileasaidh. Tha iad cuideachd a’ sònrachadh mar a dh’fhaodar feum nas fheàrr a dhèanamh de reachdas agus poileasaidhean làithreach, a leithid planadh ionadail agus measaidhean buaidhe nan eilean.
Bidh àrdachadh a dhìth anns a’ mhaoineachadh a gheibh leasachadh na Gàidhlig, agus tha sinn toilichte fhaicinn gu bheil am buidheann gu làidir dhen bheachd gu bheil àrdachadh a dhìth gach cuid anns na tha Riaghaltas na h-Alba fhèin a’ cosg agus ann am buidseat Bhòrd na Gàidhlig.
Tha sinn air togail fhaighinn bho mholaidhean na h-aithisg, a tha faisg air cuid de na nochd anns a’ mhanifesto againn fhèin a dh’fhoillsicheadh ann an 2021. Nam biodh poileasaidh Gàidhealtachd stèidhichte air a’ mhodail ann an Èirinn air a chur an sàs, bhiodh sgìrean ionadail anns na h-eileanan, agus lìonraidhean Gàidhlig ann an àitean eile, a’ faighinn:
Plana Gàidhlig ionadail gach 7 bliadhna air a dhealbhadh le proifeiseantaich agus a’ choimhearsnachd,
Co-dhiù £150,000 sa bhliadhna airson am plana a chur an gnìomh anns gach sgìre Gàidhealtachd,
Co-dhiù 1 oifigear leasachaidh do gach Gàidhealtachd airson taic a chumail ri gnìomhan ionadail (a bharrachd air oifigearan òigridh aig CnaG agus oifigearan Gàidhlig aig buidhnean eile a tha ann mar-thà),
Inbhe nam Planaichean Cànain agus dreuchd nan Oifigearan Leasachaidh air an stèidheachadh ann an lagh,
Taic, goireasan agus eòlas bho bhuidheann cho-òrdanachaidh Gàidhealtachd, stèidhte sna h-eileanan,
Co-dhùnaidhean mu phrìomhachasan agus buidseatan nas fhaisge air a’ choimhearsnachd le co-obrachadh eadar buidhnean ionadail.
Tha sinne am beachd gum biodh aithneachadh sgìrean Gàidhealtachd oifigeil na dheagh cheum a thogadh air obair a tha cuid a sgìrean Gàidhealach a thoirt air aghaidh, a leithid an Eilein Sgitheanaich agus Ghabhsainn Leòdhais. Bhiodh e cuideachd a’ daingneachadh na h-obrach ann an reachdas, a’ toirt tèarainteachd agus inbhe do na phlanaichean ionadail agus do dhreuchd nan oifigearan. --------------------------------
The campaign group Misneachd welcomes the report on social and economic opportunities for Gaelic, published by the Scottish Government on 20 June 2023.
The report, prepared by an independent group of top experts on the situation of Gaelic communities, specifies opportunities where a positive impact can be made on the state of the language throughout Scotland.
The Key Gaelic Language Communities were defined as areas where Gaelic was spoken by more than 20% of the population according to the 2011 census, although the report recognises the precariousness of the language's situation in the native communities.
It takes into account the specific demographic challenges that are an obstacle to the vitality of the Key Gaelic Communities and proposes a wide range of radical policies pertaining to housing, business, and infrastructure.
The working group supports "in general" the designation of official Gàidhealtachd areas, although they recommend more clarification of this policy concept. They also specify how better use can be made of current legislation and policies, such as local planning and Island Impact Assessments.
An increase will be needed in the funding received by Gaelic development, and we are happy to see that the working-group strongly believes that an increase is needed both in what the Scottish Government itself spends and in the budget of Bòrd na Gàidhlig.
Misneachd as a group have been greatly encouraged by the report's recommendations, which are close to some of what appeared in our own manifesto published in 2021. If a Gàidhealtachd policy based on the model in Ireland was applied, local areas in the islands, and Gaelic networks elsewhere, would receive:
A local Gaelic plan every 7 years designed by professionals and the community,
At least £150,000 a year to implement the plan in each Gàidhealtachd area,
At least 1 development officer for each Gàidhealtachd to support local activities (as well as youth officers at CnaG and Gaelic officers at other existing organisations),
The status of Local Language Plans and the role of Development Officers established in law,
Support, resources and expertise from the Gàidhealtachd co-ordinating body, based in the islands,
Decisions about priorities and budgets closer to the community with collaboration between local organisations.
Misneachd is of the opinion that the recognition of official Gàidhealtachd areas would be a good step to build on the work that some Gaelic areas are already undertaking, such as the Isle of Skye and Galson in Lewis. It would also consolidate this work in legislation, giving security and status to the plan and the role of the officers.
0 notes
misneachdalba · 1 year
Text
CO-CHOMHAIRLE AIR BILE CHÀNAN
Tumblr media
Tha a’ bhuidheann-strì Misneachd air am freagairt a chur mu sgaoil an-diugh air co-chomhairleachadh Riaghaltas na h-Alba mu leasachadh na Gàidhlig agus na h-Albais, agus air a’ bhile chànan ùr a bhios a’ nochdadh rè na Pàrlamaid làithrich.
LEUGH AR FREAGAIRT SA GHÀIDHLIG
READ OUR RESPONSE IN ENGLISH
Anns an fhreagairt tha Misneachd a’ cur fàilte air grunn rudan a nochd sa cho-chomhairleachadh, nam measg:
dòigh-obrach ro-innleachdail ùr do dh’fhoghlam tro mheadhan na Gàidhlig
am miann soilleir a nochd Riaghaltas na h-Alba ‘gum faicear àrdachadh ann an cleachdadh na Gàidhlig ann an dà raon deatamach, an dachaigh agus a’ choimhearsnachd’
an ‘gealladh gum bi fòcas air cur stad air gluasad cànain ann an sgìrean le àireamhan susbainteach de luchd-labhairt’
am beachd siostam de sgìrean Gàidhealtachd aithnichte a chur an sàs stèidhichte air a’ mhodail a tha aca ann an Èirinn fo Achd na Gaeltachta 2012
ath-sgrùdadh mionaideach air structar agus gnìomhan Bhòrd na Gàidhlig.
Tha a’ bhuidheann an dòchas gun tèid an cothrom a ghabhail poileasaidhean agus frèam-obrach susbainteach a chur an sàs, gu h-àraid a thaobh:
frèam-obrach ro-innleachdail ùr airson foghlam Gàidhlig
sgìrean Gàidhealtachd agus lìonraidhean Gàidhlig aithneachadh ann an lagh, le maoineachadh is goireasan freagarrach air an cùl, agus buidheann cho-òrdanachaidh stèidhte anns na h-eileanan mar chùl-taca dhaibh
atharrachadh air structaran Bòrd na Gàidhlig, le coimiseanair cànain a’ dèiligeadh ri riaghladh agus Bòrd ath-leasaichte a’ cumail taic ri leasachadh agus brosnachadh.
Tha Misneachd a’ moladh tionndadh leasaichte den mhodail a tha an sàs ann an Èirinn fo Achd na Gaeltachta 2012, far a bheil a’ Ghàidhealtachd aithnichte a’ gabhail a-steach grunn Sgìrean Planaidh Cànain a bharrachd air Lìonraidhean Gàidhlig anns a’ chòrr den dùthaich.
Tha buidhnean ionadail ann an cuid a sgìrean ann an Gàidhealtachd na h-Alba air a bhith a’ feuchainn ri planaichean cànain coimhearsnachd a dhealbhadh o chionn goirid, ach chan eil inbhe oifigeil aca an-dràsta agus chan eil taic, maoineachadh agus eòlas ann airson an cur an gnìomh gu h-èifeachdach.
Nam biodh poileasaidh stèidhichte air a’ mhodail ann an Èirinn air a chur an sàs, bhiodh sgìrean ionadail anns na h-eileanan, agus lìonraidhean ann an àitean eile, a’ faighinn:
Plana cànain gach 7 bliadhna air a dhealbhadh le proifeiseantach agus a’ choimhearsnachd ag obair còmhla
Co-dhiù £150,000 sa bhliadhna airson am plana a chur an gnìomh
Co-dhiù aon oifigear leasachaidh airson taic a chumail ri gnìomhan ionadail (a bharrachd air oifigearan òigridh aig Comann na Gàidhlig agus oifigearan Gàidhlig aig buidhnean eile)
Taic, goireasan agus eòlas bho bhuidheann cho-òrdanachaidh, stèidhte anns na h-eileanan
Co-dhùnaidhean mu phrìomhachasan agus buidseatan nas fhaisge air a’ choimhearsnachd le co-obrachadh eadar buidhnean ionadail.
Tha Misneachd ag ràdh nach eil anns a’ mholadh seo ach toiseach-tòiseachaidh agus gum bu chòir coimhead air mar bhunait air am bite a’ togail thairis air na bliadhnaichean ri tighinn.
Tha iad ag ràdh gu bheil e cudromach cuideachd am prionnsabal a stèidheachadh gur e raon poileasaidh ceart a th’ ann am leasachadh cànain coimhearsnachd air bunait reachdail, ri taobh nan raointean eile a tha nas leasaichte mar-thà – foghlam, craoladh, agus planaichean cànain nam buidhnean poblach. Tha a h-uile raon feumach air barrachd taic, ge-tà.
Thuirt Cairistìona NicLeòid à Taobh Siar Leòdhais, “Chan eil one size fits all policy air obrachadh airson na coimhearsnachdan anns na h-eileanan. Cumaidh an cànan a’ dol a’ crìonadh mura faigh na coimhearsnachdan barrachd cumhachd agus smachd air na gnìomhan aca fhèin.”
“Tha feum air measadh ciallach air pròiseactan a tha ag amas air an cànan a neartachadh. Chan e dìreach co mheud a tha a’ gabhail pàirt. Bu chòir fianais a bhith againn airson na dòigh obrach a tha soirbheachail agus eisimpleirean bho dhùthchannan eile, agus rannsachadh nuair nach eil cùisean ag obrachadh ach an ionnsaich sinn bho na suidheachaidhean.”
Thuirt Pàdruig Moireasdan à Griomasaigh, “tha dòchas agam a thaobh na ghabhas dèanamh le na cothroman a thig a-mach à sgìre ‘Gàidhealtachd’. Mar a tha mise ga fhaicinn, bheireadh sin cothrom dhuinn barrachd airgid fhaighinn on Riaghaltas, agus bhiodh cothrom againn poileasaidhean a chuir an gnìomh, dha na sgìrean Gàidhealach, a nì feum dha na bacaidhean sòiseo-eaconamach – a leithid taigheadais, croitean, agus obraichean – a tha a’ toirt a leithid de bhuaidh air cor na Gàidhlig an-dràsta.”
Thuirt Fionnghal Nic an Aba às an Eilean Sgitheanach: “Tha e garbh cudromach gum freagair daoine an co-chomhairleachadh a tha seo is gun cluinnear beachd bho dhaoine thall ’s a-bhos a tha eòlach air an t-suidheachadh anns na coimhearsnachdan agus anns na sgoiltean. Daoine a tha a’ tuigsinn na tha a’ tachairt ann am Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig agus na dh’fhaodadh a bhith a’ tachairt ann, na tha ag obrachadh is na rudan a dh’fhaodadh a bhith air an neartachadh. ’S e cothrom air leth a tha seo dhuinne a tha an sàs ann an saoghal na Gàidhlig ar beachdan a thoirt don Riaghaltas gus am bi buaidh againne air an ath cheum ann an leasachadh ar cànain.”
Maoineachadh
Ann an rannsachadh a dh’fhoillsich Misneachd ann an 2021, leig iad ris cho tàmailteach a tha suidheachadh maoineachaidh leasachadh na Gàidhlig.
Ged a tha mu £28m sa bhliadhna a’ dol a-steach do bhuidseat na Gàidhlig, ’s e foghlam agus craoladh as motha a tha a’ faighinn an airgid.
Cha bhi Bòrd na Gàidhlig a’ faighinn ach mu £5m sa bhliadhna, agus cha bhi ach mu £2.5m de sin a’ dol a-staigh do leasachadh coimhearsnachd air feadh Alba.
Tha an t-airgead sin reòthte airson cha mhòr fichead bliadhna, rud a tha fàgail gun d’fhuair buidseat leasachaidh na Gàidhlig gearradh real terms mu 30% eadar 2008 agus 2018, fada nas doimhne na an gearradh 15% a fhuair buidseat na Gàidhlig san fharsaingeachd.
Mus deach am Bòrd a’ stèidheachadh, thuirt aithisgean fo stiùir Sheonaidh Ailig Mhic a’ Phearsain agus Dhòmhnaill Mheek gum bu chòir £10m sa bhliadhna aig a’ char as lugha a’ dol a-staigh do leasachadh na Gàidhlig.
Nam biodh am Bòrd air buidseat mar sin fhaighinn aig an àm agus nam biodh an t-suim ud air àrdachadh leis an atmhorachd (inflation), bhiodh am Bòrd a’ faighinn còrr is £15m ann an 2020. Bidh an suidheachadh nas miosa an-diugh leis mar a tha an atmhorachd an-dràsta.
A dh’aindeoin suidheachadh doirbh eaconamaidh na dùthcha an-dràsta, a-rèir Misneachd tha na figearan seo a’ sealltainn cho cianail ìosal ’s a tha maoineachadh leasachadh na Gàidhlig agus gu bheil argamaid làidir ann airson àrdachadh susbainteach, ma tha adhartas ceart sam bith a’ dol a bhith ann.
Thuirt Gille-chrìost MacGill’Eòin, a tha a’ fuireach ann an sgìre Ghaeltacht ann an Èirinn an-dràsta, “Bidh faclan coibhneil aig an Riaghaltas ach ’s e suidheachadh an airgid a nochdas am fìor sgeul. Tha teans ann rudeigin susbainteach fhaighinn a-mach às a’ cho-chomhairleachadh agus às an achd chànain ùr, ach nam bheachd-sa cha bu chòir do luchd na Gàidhlig gabhail ri moladh sam bith a thig bhon Riaghaltas mura bi maoineachadh susbainteach ùr na lùib – ’s e masladh a bhiodh ann a sin do choimhearsnachdan na Gàidhlig anns a h-uile àite.”
LEUGH AR FREAGAIRT SA GHÀIDHLIG
READ OUR RESPONSE IN ENGLISH
Dh’fhoillsich Misneachd an fhreagairt aca air 30/10/2022. Gheibhear an fhreagairt an seo:
1 note · View note
misneachdalba · 2 years
Text
FUADACHADH 2022
Tumblr media
Tha staing taigheadais dhùthchail ann a tha na fhuadachadh eaconamach den òigridh a thogadh air Gàidhealtachd is sna h-Eileanan. Tha an cruaidh-chàs seo mairbhteach do dh’oidhirpean cànan is cultar na Gàidhlig a ghlèidheadh ann an coimhearsnachdan dùthchail is eileanach, is a’ bagairt cur às dhaibh.  
Chan fhaigh an òigridh no teaghlaichean òga cothrom air taighean air a’ mhargaidh fhosgailte. Chan eil sgeamaichean ‘Cuideachadh gus Ceannach’ aig an Riaghaltas, no ‘a’ Bhanntach Eileanach’ nan cuideachadh, cleachdaidh iad airgead poblach gus taic a chur ri àrdachadh phrìsean, a’ toirt seachad maoineachadh poblach do phrothaid phrìobhaideach. Tha e coltach gu bheil mì-thuigse ann air leathad is farsaingeachd na staing taigheadais. Fhad ’s a tha cruaidh fheum air tuilleadh taigheadais shòisealta agus air prìs reusanta, cha fhreagair sin air an duilgheadas structarach, cha chuidich e proifeiseantaich òga a dhol ann an co-fharpais ri luchd-seilbheachd, ri daoine a leig seachad an dreuchd, ri luchd-ceannach dàrna taighean, gus an taigh aca fhèin a cheannach.
Feumaidh gach taigh a thèid a reic ann an Alba ‘Aithris Taighe’ fhaighinn. Nì suirbhidhear clàraichte an aithris seo a dh’innseas cor agus luach an taighe, agus a bheir Teisteanas Dèanadas Lùthais EPC don taigh. Tha a’ phrìs seo air a meas reusanta stèidhichte air cor an taighe agus na margaidh. Ach tha luach ann an taigh eadar-dhealaichte a rèir dè thachras leis. Ma dh’fheumas tu fuireach ann, chan fhaigh thu airgead air ais air. Mas urrainn dhut a chur a-mach air mhàl ann an sgìre far a bheil turasachd luachmhor, nì thu prothaid shusbainteach air a cheadachas prìs nas àirde.
Tha taighean gan reic air an luach mar àitichean-màil, seach an luach mar àitichean-fuirich. Thèid taighean a reic gu tric air prìs còrr is 30% thairis air luach Aithris Taighe. Gus morgaids fhaighinn air taigh, feumar eàrlas air 5-20% den luach a rèir na h-Aithrise Taighe. Tha taighean gan reic an-dràsta, gu tric neo-fhaicte, do dhaoine is do chompanaidhean aig a bheil an t-airgead a phàigheas còrr is 130% den luach len airgead fhèin.
Cha chuir a bhith a’ togail tuilleadh thaighean an aghaidh a’ mhì-chothroim eaconamaich seo. Feumar a’ mhargaidh a riaghailteachadh.
Mar neach-ceannach, feumaidh airgead a bhith agad airson eàrlas eadar 5% agus 20% de luach an taighe, a rèir an t-suidheachaidh agad agus a’ bhanca. Bidh a’ mhorgaids stèidhichte air luach an taighe mar a chaidh a mheasadh san Aithris Taighe. Ma tha tuarastal math gu leòr agad, gheibh thu morgaids suas gu 95% de phrìs an taighe. Bidh a’ mhorgaids a gheibhear stèidhichte air a’ phrìs anns an Aithris Taighe, chan ann air a’ phrìs reic. Tha fèill mhòr air taighean air a’ Ghàidhealtachd, agus tha turasachd a’ ciallachadh gu bheil taighean màil luachmhor, thèid taighean a reic ’son 120 - 150% de luach Aithris Taighe.
Mar eisimpleir, math dh’fhaodte gun tèid taigh le luach Aithris Taighe air £160,000 a reic airson £208,000, 130% den luach san Aithris Taighe. Dh’fheumte eàrlas air 10%, £16,000. Dh’fheumte £48,000 a bharrachd gus 30% thairis air an Aithris Taighe a phàigheadh. Tha seo a’ ciallachadh gum feumadh £64,000 a bhith agad gus an taigh seo a cheannach. Feumaidh an t-airgead sin a bhith agad, a bharrachd air cosnadh àrd gu leòr a leigeas leat morgaids fhaighinn anns a’ chiad dol a-mach. Le taighean màil cho gann agus cosgail, agus gainnead chosnaidhean matha cuideachd, chan eil cothrom aig daoine òga airgead a shàbhaladh
Tha turasachd, tro sheirbheisean leithid AirBnB, a’ toirt dhachaighean air falbh bho choimhearsnachdan. Tha an àireamh thaighean air màl goirid a’ sìor èirigh, leis an Eilean Sgitheanach an t-àite as miosa ann an Alba a thaobh thaighean màil. Tha timcheall air 1000 taigh air màl goirid, 18.6% de na taighean. A rèir figearan na Comhairle, chan eil ach 4500 dachaigh san Eilean Sgitheanach, le còrr is 10,000 a’ fuireach anns an Eilean. ’S e an t-Eilean Sgitheanach an sgìre as miosa an Alba a thaobh dhachaighean anns am bi daoine a’ fuireach làn ùine, 91.6% air a’ Ghàidhealtachd, 95.9% air feadh Alba, ach 81.4% san Eilean.
Tumblr media
Ged a tha cruaidh fheum air barrachd taigheadais shòisealta, tha a’ mhargaidh taigheadais a’ ciallachadh nach fhaigh proifeiseantaich òga, aig a bheil obair mhath, dotairean, nursaichean, tidsearan, ailtirean is innleadairean cothrom air taigh. Chan eil sgeamaichean an Riaghaltais, mar ‘Cuideachadh gus Ceannach’, a’ toirt cothrom dhaibh a dhol an co-fharpais le daoine beartach, is companaidhean turasachd. Aig a’ cheann thall tha na sgeamaichean seo a’ maoineachadh àrdachadh phrìsean le airgead poblach.
Tha coimhearsnachdan feumach air teaghlaichean òga is luchd-obrach. Tha taighean gan reic an-dràsta do dhaoine le airgead a nì airgead asta. ’S e dachaigh do dhaoine a tha a’ fuireach no airson fuireach ann a bu chòir a bhith ann an taigh. Ged a tha turasachd na pàirt chudromach den eaconamaidh, cha bu chòir dhi coimhearsnachd a mhùchadh is a mharbhadh.
Tha cosnaidhean matha gann air a’ Ghàidhealtachd, le tuarastalan meadhanail £1,824 nas ìsle na tha iad an Alba air fad. Tha obraichean aoigheachd gu tric sealach is ràitheil. Tha 13% de mhuinntir an Eilein Sgitheanaich ag obair ann an aoigheachd an taca ri 6.3% aig ìre nàiseanta. Tha 64.4% de dhaoine ag obair ann an aoigheachd a’ cosnadh nas lugha na tuarastal bith-beò. ’S i aoigheachd as ìsle a thaobh pàigheadh an Alba, £8.72 gach uair, fo thuarastal bith-beò. Tha 6.8% de mhuinntir an Eilein an sàs ann an àiteachas is iasgach an taca ri 2% gu nàiseanta.
Cuir ris a seo gu bheil cosgaisean bith-beò nas àirde ann an sgìrean dùthchail. Pàighidh daoine barrachd air màl, biadh, dealan, teasachadh, connadh, agus cosgaisean lìbhrigidh. Chan eil còmhdhail phoblach ro mhath, agus feumaidh daoine siubhal astar mòr, anns na càraichean aca fhèin, gus seirbheisean a chleachdadh. Tha seirbheisean slàinte agus cùraim, gailearaidhean, taighean-tasgaidh, tachartasan spòrs is cultarach uile nas dorra faighinn thuca ach air am pàigheadh tro chìsean. Tha bun-structar dùthchail agus neo-ionannachd eaconamach a’ peanasachadh òigridh air a’ Ghàidhealtachd. ’S e fuadach eaconamach leantainneach a tha seo.
Cuid de na cosgaisean a bharrachd ro mhuinntir na Gàidhealtachd:
+£1,000 gach bliadhna air teasachadh *Tomhas aig Comann Taigheadais Loch Aillse is An Eilein Sgitheanaich *mus deach prìsean àrdachadh o chionn ghoirid*
+£3,456 gach bliadhna air mhàl *Màl meadhanail ann an Alba £628pm / ach An t-Eilean Sgitheanach £916pm
+£1,040 gach bliadhna air biadh *Tomhas tuairmseach £20 gach seachdain air biadh dachaighe
-£1,824 fo thuarastal meadhanail ann an Alba *
+£7,320 nas miosa dheth gach bliadhna
*Tuarastal meadhanail an Alba £25,296, no £527 san t-seachdain, air a’ Ghàidhealtachd £23,472, no £489 san t-seachdain. Tuarastal stèidhichte air 48 seachdain sa bhliadhna. Faic aithris HIE.
Iomraidhean:
https://www.highland.gov.uk/downloads/file/11092/profiles_for_council_wards
https://www.airdna.co/vacation-rental-data/app/gb/scotland/highland/skye/overview
https://www.gov.scot/publications/research-impact-short-term-lets-communities-scotland/
https://www.gov.scot/publications/short-term-lets/
https://www.hie.co.uk/media/3048/occupationalplussegregationplusinplustheplushiplus-plusareaplusreportsplus-plushighlandplus-a2750664.pdf
https://digitalpublications.parliament.scot/ResearchBriefings/Report/2021/2/19/32a8c620-b227-4951-b642-44fe823009d1#43d4dae3-ac86-444b-8354-9a6dea331e3d.dita
https://digitalpublications.parliament.scot/ResearchBriefings/Report/2021/2/19/32a8c620-b227-4951-b642-44fe823009d1#ccad163f-8dcf-4e23-b36e-617e3053dd32.dita
https://www.gov.scot/binaries/content/documents/govscot/publications/statistics/2018/11/summary-of-earnings-statistics-2018/documents/annual-survey-of-hours-and-earnings-2018-slides/annual-survey-of-hours-and-earnings-2018-slides/govscot%3Adocument/ASHE-slides-2018.pdf
https://www.gov.scot/binaries/content/documents/govscot/publications/strategy-plan/2016/10/action-plan-deliver-affordable-warmth-rural-scotland-proposed-scottish-rural/documents/00508122-pdf/00508122-pdf/govscot%3Adocument/00508122.pdf
https://www.scotsman.com/business/how-much-does-it-cost-live-scottish-island-1475888
0 notes
misneachdalba · 2 years
Photo
Tumblr media Tumblr media Tumblr media Tumblr media Tumblr media Tumblr media Tumblr media Tumblr media Tumblr media Tumblr media
’S e bliadhna dhùbhlanach a bh’ againn ann an iomadh dòigh agus Covid-19 a’ toirt buaidh air ar beatha gu ìre ris nach robh duine an dùil. Chunnaic sinn cuideachd foillseachadh an leabhair The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, sgrùdadh mionaideach domhain air na sgìrean mu dheireadh far am bruidhnear a’ Ghàidhlig gu ìre shusbainteach sam bith mar chànan coimhearsnachd. Le iomadach staing fa chomhair na Gàidhlig, agus le 2020 cuideachd a’ comharrachadh 15 bliadhna bho Achd na Gàidhlig (2005) agus stèidheachadh Bhòrd na Gàidhlig, tha e a-nis riatanach gun dèan sinn ath-mheasadh farsaing air poileasaidh cànain ann an Alba. Tha an fhianais a chaidh a thaisbeanadh san leabhar Gaelic Crisis, maille ri fianais gach neach don aithne a’ Ghàidhealtachd agus na h-eileanan, a’ dearbhadh gu soilleir gur ann truagh neo-tharbhach a tha gnè nam poileasaidhean a tha an-dràsta, mas fhìor, a’ seasamh còir a’ chànain na coimhearsnachdan dùthchasach fhèin.
Tha Misneachd a’ faicinn taghadh Pàrlamaid Albannach na h-ath-bhliadhna, 2021, mar chothrom, ma dh'fhaodte an cothrom mu dheireadh a bhios againn, gus an dòigh-obrach air poileasaidh cànain a th’ againn ann an Alba atharrachadh mus bi e ro fhadalach. Is ann air a sgàth sin a tha sinne a’ foillseachadh manifesto mar dhùbhlan do phàrtaidhean poilitigeach na h-Alba, agus mar spreigeadh gus gnìomh susbainteach agus brìghmhor a choileanadh mu choinneamh nan iomadach staing a tha ro choimhearsnachdan iomallaichte, dùthchail na Gàidhlig. Brosnaichidh am manifesto againn poileasaidhean a ghluaiseadh a dh’ionnsaigh ‘Coimhearsnachdan Gàidhlig Seasmhach’ sinn, an dà chuid ann an coimhearsnachdan dùthchail is dùthchasach agus ann an coimhearsnachdan-lìonra nam bailtean.
Tha ar puingean-gnìomha a' moladh a dhol san eadraiginn air dòigh chuimsichte chànanach le bhith, mar eisimpleir, a’ stèidheachadh Urras na Gàidhlig agus a’ leantail nam molaidhean nas fharsainge a rinneadh san leabhar The Gaelic Crisis, a’ leudachadh na h-obrach aig oifigearan leasachadh cànain agus a’ stèidheachadh thargaidean ionadail airson togail cànain, a bharrachd air a bhith a’ cur phoileasaidhean deatamach, sòiseo-chànanach nas leatha an sàs, leithid smachd air taighean-samhraidh agus air gabhaltasan geàrr-ùine. Iarraidh sinn ath-ghluasad chosnaidhean matha, maireannach, Gàidhlig, chun nan coimhearsnachdan Gàidhlig, ath-sgrùdadh air solarachadh foghlaim aig gach ìre, agus leudachadh solarachadh nam meadhanan Gàidhlig. Gabhaidh na poileasaidhean againn cuideachd a-steach ionnsachadh inbheach, mar stèidheachadh chùrsaichean còmhnaidh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig agus leasachadh ghoireasan cànain. Molaidh sinn cuideachd ath-sgrùdadh air an reachdas agus air na structaran leasachaidh a th’ againn, a’ toirt fa-near an fheuma a dh’fhaodadh a bhith air Achd Gàidhlig ùr.
Rè iomairt an ath thaghaidh, bidh Misneachd a’ brosnachadh a’ chlàir phoileasaidh seo do luchd-poilitigs anns gach pàrtaidh, feuch an urrainn dhuinn an deasbad air a’ Ghàidhlig a ghluasad gu gnìomhan brìoghmhor. Feumaidh buidhnean brosnachaidh agus glèidhidh na Gàidhlig gabhail ri aithneachadh nas leatha den bhuaidh a th’ aig aingidheachd eacanomaigeach agus cion ionmhais ann an sgìrean dùthchail air a’ chànan. Thugadh seo an aire o chionn ghoirid le buidheann de dh’eileanaich òga is iad ag iomairt airson fuasgladh fhaighinn do staing taigheadais nan eilean: staing a tha ceangailte ri cion chothroman cosnaidh, turasachd neo-sheasmhach, agus margaid thaighean neo-riaghlaichte. Chaidh na dearbh dhuilgheadasan seo fhuasgladh gu soirbheachail ann an àitichean eile den RA agus ann an dùthchannan cèin.
Tha mairsinn na Gàidhlig agus an dualchais Ghàidhealaich an crochadh air seasmhachd nan coimhearsnachdan eileanach. Tha am fuadachadh eacanomaigeach a tha an-diugh a’ tighinn air Gàidheil òga nan coimhearsnachdan dùthchail na dhubh-mhasladh. Cha bu chòir gabhail ris, agus ’s ann à neo-ionannachd nas leatha nar comann-sòisealta a tha e ag èirigh. Bidh sinne a’ dèanamh fiughair ri obrachadh còmhla ri luchd-poilitigs às gach pàrtaidh airson fuasglaidhean seasmhach a lorg gus a’ Ghàidhlig a ghlèidheadh mar chànan coimhearsnachd. Tha sinn an dòchas gun lean gnìomhan poileasaidh ar manifesto gu atharrachadh susbainteach agus, mu dheireadh, gu leas cànan dùthchasach na h-Alba. Gheibhear am manifesto againn an seo:  https://bit.ly/3cK2g9I [Beurla] This has been a challenging year in many ways, as Covid-19 continues to affect our lives more than anyone expected. We have also seen the publication of The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, a thorough and in-depth analysis of the few remaining areas where Gaelic is spoken to any significant extent as a community language. With the Gaelic language beset by multiple crises, and with 2020 also marking 15 years since the enactment of the Gaelic Language Act (2005) and the establishment of Bòrd na Gàidhlig, it is now essential that we conduct a wide-ranging review of language policy in Scotland. The evidence presented in The Gaelic Crisis, along with the consistent experience of all those familiar with the Highlands and Islands, clearly demonstrates that the current policy approach is woefully ineffectual in reversing language shift in the vernacular community.
Misneachd view next year’s Scottish Parliament election, 2021, as an opportunity, perhaps the last opportunity we will have, to alter our approach to language policy in Scotland before it is too late. We are therefore publishing our manifesto as a challenge to Scotland’s political parties to take meaningful and substantive action in response to the multiple crises facing marginalised, rural, Gaelic speaking communities. The policies outlined in our manifesto would move us towards ‘Sustainable Gaelic Communities’: both traditional Island and rural communities and city-based network communities.
Our policy action points include language-focused interventions such as implementing Urras na Gàidhlig and the broader recommendations made in The Gaelic Crisis, expanding provision of community language development officers and setting local targets for language acquisition, as well as crucial wider socioeconomic policies such as controls on second homes and short-term rentals. We propose the relocation of higher salaried, permanent Gaelic jobs to Gaelic speaking communities, a review of education provision and expansion of Gaelic media provision. Our policies also cover adult learning, including the establishment of residential courses in Gaelic communities and the development of language resources. We propose a review of current legislation and development structures including the potential need for a new Gaelic Language Act.
Over the course of the election campaign, Misneachd will be promoting this policy platform to politicians of all parties in an effort to move the debate around Gaelic forward to meaningful action. The promotion and protection of the language must include wider recognition of the impact which economic iniquities and underinvestment in rural areas have on the language. This has been highlighted recently by young islanders in their campaign to address the islands’ housing crisis, which is itself linked to the lack of employment opportunities, unsustainable tourism, and an unregulated housing market. These are issues which have been addressed successfully elsewhere in the UK and internationally.
The survival of the Gaelic language and culture depends on the establishment of sustainable island communities. The economic clearance of young Gaels from the island communities in which they were raised is unacceptable and is the result of wider inequalities in society. We look forward to engaging constructively with politicians from all parties in finding sustainable solutions for the maintenance of Gaelic as a community language. We hope that the policy actions in our manifesto can lead to substantive change and the survival of Scotland’s indigenous language. Our manifesto can be accessed here:  https://bit.ly/3cK2g9I
2 notes · View notes
misneachdalba · 2 years
Text
IOMAIRTEAN IONADAIL
Tha e coltach gu bheil buidheann de dh’eòlaichean acadaimigeach stèidhichte gu h-ideòlach an aghaidh na h-obrach a rinneadh le sgioba rannsachaidh Shoillse ann an coimhearsnachdan eileanach, ann am pàirt tha e coltach oir, nam beachd-san, tha e a’ toirt barrachd ùghdarrais do luchd-labhairt dùthchasach thar luchd-ionnsachaidh. Tha a’ charactarachd seo a’ dèanamh dìmeas mòr air an luchd-ionnsachaidh ann an coimhearsnachdan eileanach, agus gu dearbha, air an uimhir luchd-labhairt dhùthchasaich anns na bailtean, air a bheil gu leòr de na ‘coimhearsnachdan lìonraidh’ stèidhichte. Chan eil e fìrinneach no cuideachail argamaid an fhir stràibh seo a phutadh gu bheil rùn sam bith ann inbhe luchd-ionnsachaidh ìoslachadh, ge brith càit am biodh iad. Chan eil duine dha-rìribh ag argamaid gum bu chòir na criomagan suarach de thaic don Ghàidhlig a lùghdachadh, an dearbh-chaochladh. O chionn ghoirid, shoilleirich Misneachd an gearradh 30% a rèir na h-atmhorachd do mhaoineachadh coimhearsnachd Gàidhlig bho 2006/7, agus sinn ag iarraidh àrdachadh susbainteach air an taic aig a h-uile ìre.
Chan eil e idir soilleir carson a tha luchd-taic na Gàidhlig ann an Dùn Èideann, mar eisimpleir, saor gus iomairt gu guthach sgairteil airson tuilleadh taice, mar a bu chòir dhaibh a bhith, ach nuair a dh’iarras luchd-labhairt air a’ Ghàidhealtachd is sna h-Eileanan barrachd taice do na coimhearsnachdan aca fhèin, thèid casaidean nàimhdeis do luchd-ionnsachaidh a chur orra, is chanar riutha nach e “geama suim neoni” a th’ ann an leasachadh na Gàidhlig. Cha tuirt duine gur e. Bu chòir gum bi sinn uile saor gus iomairt anns na coimhearsnachdan againn, agus is iad luchd-taic na Gàidhlig eile na daoine mu dheireadh a bu chòir toirt oirnn a bhith a’ faireachdainn ciontach airson sin a dhèanamh. Chan e cur sìos air leasaichean ann an àitichean eile a th’ ann idir a bhith a’ strì às leth choimhearsnachdan eileanach doilgheasach. Bu chòir gum bi e soilleir gu bheil coimhearsnachdan anns na h-eileanan ann an cruaidh-chàs gun samhail, tha duilgheadasan taigheadais ga fhàgail cianail doirbh luchd-obrach fhastadh is a chumail, ’s e strì gun sgur a th’ ann ar sluagh fhèin a chumail. Cosnadh, bun-structar, taigheadas, agus ath-leasachadh fearainn, chan iad cùisean air iomaill poileasaidh leasachaidh na Gàidhlig an seo, ach aig cridhe dheth.
’S e am prìomh argamaid airson Urras na Gàidhlig, a mholadh le sgioba Soillse, nach eilear ag èisteachd mar bu chòir ri guth na coimhearsnachd fo na structaran leasachaidh a tha an gnìomh an-dràsta. Ged a dh’fhaodadh diofar bheachdan a bhith ann air structar ùr sam bith a thig, cha bu chòir an tagradh farsaing a bhith connspaideach no iongantach dhuinn. Creididh Misneachd, ann am prionnsabal, ann an àrachadh choimhearsnachdan. Tha an Riaghaltas a th’ againn an-dràsta air gealltainn sgìrean ‘Gàidhealtachd’ a stèidheachadh. Creididh Misneachd gun gabh siostam dealbhadh a chuireadh taic ri leasachadh coimhearsnachd aig ìre ionadail, ann an coimhearsnachdan ‘Gàidhealtachd’ dùthchail, cho math ri bailteil, ag àrachadh nan coimhearsnachdan seo gus gnìomhan a dhèanamh a rèir an t-suidheachaidh ionadail aca fhèin. Tha coimhearsnachd na Gàidhlig feumach air gnìomh. Feumar èisteachd ri buill àbhaisteach na coimhearsnachd. Chan eil faclan falamh, agus troid acadaimigeach a’ cuideachadh duine.
Tumblr media
0 notes
misneachdalba · 3 years
Text
ATHCHUINGE SPÒRS GÀIDHLIG
Misneachd a’ fàilteachadh beachdan bhall-pàrlamaid air Spòrs Gàidhlig Ann an 2019 thàinig am follais gu robh Spòrs Gàidhlig ann an cunnart dùnadh air sàillibh ’s gu robh nas lugha de dh’ùidh aig sgoiltean na bhathas an dòchas.
Chaidh a’ bhuidheann a shàbhaladh airson greis eile le airgead a bharrachd bho Bhòrd na Gàidhlig, ach chan eil aonta seasmhach ann fhathast airson a’ bhuidheann a chumail a’ dol san ùine fhada.
Nochd athchuinge Misneachd mun chuspair seo aig trì coinneamhan de Chomataidh Athchuingean Poblach Pàrlamaid na h-Alba eadar Lùnasdal 2020 agus Faoilleach 2021, nuair a chaidh a dùnadh ach le moladh gum bite a’ coimhead às ùr air a’ chùis ma bhios feum.
Thuirt Misneachd mar fhreagairt:
“Tha sinn taingeil do bhuill na comataidh anns a’ Phàrlamaid a bhios a’ coimhead air athchuingean poblach airson cuspair Spòrs Gàidhlig a sgrùdadh thairis air a’ bhliadhna ’s a chaidh.
Chaidh aca air freagairtean fhaighinn bho dhiofar bhuidhnean, a’ gabhail a-steach Riaghaltas na h-Alba, Bòrd na Gàidhlig, Còmhdhail nan Ùghdarrasan Ionadail na h-Alba (COSLA), agus Comunn na Gàidhlig, a bhios a’ ruith Spòrs Gàidhlig fhèin. Tha seo air a bhith feumail ann a bhith a’ cumail a’ chuspair fo aire nam buidhnean agus an t-sluaigh.
Tha sinn toilichte gun do dh’aithnich buill na comataidh agus na diofar bhuidhnean a thug seachad freagairtean cho cudromach ’s a tha e gum bithear a’ brosnachadh bhuidhnean mar Spòrs Gàidhlig, agus cho cudromach ’s a tha e gum bi cothroman aig daoine òga Gàidhlig a chleachdadh taobh a-muigh an t-seòmair-theagaisg.
Ged a chaidh an athchuinge seo cho fad ’s as urrainn dhi an-dràsta, thuirt cathraiche na comataidh gum biodh fàilte ro athchuinge a bharrachd air a’ chuspair seo ma bhios sinn a’ faireachdainn nach eil adhartas gu leòr air a bhith ann, agus bidh Misneachd gun teagamh a’ cumail sùil gheur air a’ chùis.
Bidh Bòrd na Gàidhlig a’ dèanamh co-dhùnadh eile air maoineachadh do Spòrs Gàidhlig anns a’ Mhàrt, agus tha sinn an dòchas gun tig aonta ùine-fhada le taic bhon Riaghaltas às dèidh an taghaidh sa Chèitean.
Tha an cuspair seo cudromach air diofar adhbharan
a) Tha cothroman Gàidhlig a chleachdadh ann an diofar cho-theacsaichean gu math prìseil dhan òigridh.
b) Feumaidh dreuchdan ann an saoghal na Gàidhlig a bhith leantainneach agus tarraingeach – bu chòir do luchd-obrach Spòrs Gàidhlig a bhith cinnteach gum bi obair aca san àm ri tighinn, agus bu chòir barrachd cothroman-obrach a chruthachadh.
c) Tha sinn feumach air adhartas gus seirbhisean Gàidhlig a neartachadh agus a leudachadh – seach ar neart a chosg air na th’ againn mar-thà a dhìon far na tìde.
Tha sinn an dòchas gum bi Spòrs Gàidhlig comasach seasamh air a chasan fhèin a thaobh maoineachaidh cho fad ’s as urrainn dhaibh, agus feumaidh ùghdarrasan ionadail is sgoiltean na seirbhisean aca a chur gu feum.
Aig an aon àm, feumar aithneachadh gu bheil e ceart is iomchaidh gum bi buidhnean Gàidhlig a’ faighinn airgead poblach. Feumaidh toil phoilitigeach a bhith ann airson iomairtean a chumail a’ dol, ged nach biodh iad ‘co-fharpaiseach’ anns a’ mhargadh shaor, ma tha sinn a’ faicinn luach ann am mion-chànain a dhìon.
Tha sinn taingeil do Bhòrd na Gàidhlig airson Spòrs Gàidhlig agus buidhnean eile a chumail a’ dol gu h-àraid tron phandemic. Ach airson adhartas dha-rìribh a dhèanamh gus iomairtean mar Spòrs Gàidhlig a dhèanamh seasmhach, thathar feumach air ceannardas, agus maoineachadh, bhon Riaghaltas.”
0 notes
misneachdalba · 4 years
Text
MANIFESTO MISNEACHD
’S e bliadhna dhùbhlanach a bh’ againn ann an iomadh dòigh agus Covid-19 a’ toirt buaidh air ar beatha gu ìre ris nach robh duine an dùil. Chunnaic sinn cuideachd foillseachadh an leabhair The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, sgrùdadh mionaideach domhain air na sgìrean mu dheireadh far am bruidhnear a’ Ghàidhlig gu ìre shusbainteach sam bith mar chànan coimhearsnachd. Le iomadach staing fa chomhair na Gàidhlig, agus le 2020 cuideachd a’ comharrachadh 15 bliadhna bho Achd na Gàidhlig (2005) agus stèidheachadh Bhòrd na Gàidhlig, tha e a-nis riatanach gun dèan sinn ath-mheasadh farsaing air poileasaidh cànain ann an Alba. Tha an fhianais a chaidh a thaisbeanadh san leabhar Gaelic Crisis, maille ri fianais gach neach don aithne a’ Ghàidhealtachd agus na h-eileanan, a’ dearbhadh gu soilleir gur ann truagh neo-tharbhach a tha gnè nam poileasaidhean a tha an-dràsta, mas fhìor, a’ seasamh còir a’ chànain na coimhearsnachdan dùthchasach fhèin.
Tha Misneachd a’ faicinn taghadh Pàrlamaid Albannach na h-ath-bhliadhna, 2021, mar chothrom, ma dh'fhaodte an cothrom mu dheireadh a bhios againn, gus an dòigh-obrach air poileasaidh cànain a th’ againn ann an Alba atharrachadh mus bi e ro fhadalach. Is ann air a sgàth sin a tha sinne a’ foillseachadh manifesto mar dhùbhlan do phàrtaidhean poilitigeach na h-Alba, agus mar spreigeadh gus gnìomh susbainteach agus brìghmhor a choileanadh mu choinneamh nan iomadach staing a tha ro choimhearsnachdan iomallaichte, dùthchail na Gàidhlig. Brosnaichidh am manifesto againn poileasaidhean a ghluaiseadh a dh’ionnsaigh ‘Coimhearsnachdan Gàidhlig Seasmhach’ sinn, an dà chuid ann an coimhearsnachdan dùthchail is dùthchasach agus ann an coimhearsnachdan-lìonra nam bailtean.
Tha ar puingean-gnìomha a' moladh a dhol san eadraiginn air dòigh chuimsichte chànanach le bhith, mar eisimpleir, a’ stèidheachadh Urras na Gàidhlig agus a’ leantail nam molaidhean nas fharsainge a rinneadh san leabhar The Gaelic Crisis, a’ leudachadh na h-obrach aig oifigearan leasachadh cànain agus a’ stèidheachadh thargaidean ionadail airson togail cànain, a bharrachd air a bhith a’ cur phoileasaidhean deatamach, sòiseo-chànanach nas leatha an sàs, leithid smachd air taighean-samhraidh agus air gabhaltasan geàrr-ùine. Iarraidh sinn ath-ghluasad chosnaidhean matha, maireannach, Gàidhlig, chun nan coimhearsnachdan Gàidhlig, ath-sgrùdadh air solarachadh foghlaim aig gach ìre, agus leudachadh solarachadh nam meadhanan Gàidhlig. Gabhaidh na poileasaidhean againn cuideachd a-steach ionnsachadh inbheach, mar stèidheachadh chùrsaichean còmhnaidh ann an coimhearsnachdan Gàidhlig agus leasachadh ghoireasan cànain. Molaidh sinn cuideachd ath-sgrùdadh air an reachdas agus air na structaran leasachaidh a th’ againn, a’ toirt fa-near an fheuma a dh’fhaodadh a bhith air Achd Gàidhlig ùr.
Rè iomairt an ath thaghaidh, bidh Misneachd a’ brosnachadh a’ chlàir phoileasaidh seo do luchd-poilitigs anns gach pàrtaidh, feuch an urrainn dhuinn an deasbad air a’ Ghàidhlig a ghluasad gu gnìomhan brìoghmhor. Feumaidh buidhnean brosnachaidh agus glèidhidh na Gàidhlig gabhail ri aithneachadh nas leatha den bhuaidh a th’ aig aingidheachd eacanomaigeach agus cion ionmhais ann an sgìrean dùthchail air a’ chànan. Thugadh seo an aire o chionn ghoirid le buidheann de dh’eileanaich òga is iad ag iomairt airson fuasgladh fhaighinn do staing taigheadais nan eilean: staing a tha ceangailte ri cion chothroman cosnaidh, turasachd neo-sheasmhach, agus margaid thaighean neo-riaghlaichte. Chaidh na dearbh dhuilgheadasan seo fhuasgladh gu soirbheachail ann an àitichean eile den RA agus ann an dùthchannan cèin.
Tha mairsinn na Gàidhlig agus an dualchais Ghàidhealaich an crochadh air seasmhachd nan coimhearsnachdan eileanach. Tha am fuadachadh eacanomaigeach a tha an-diugh a’ tighinn air Gàidheil òga nan coimhearsnachdan dùthchail na dhubh-mhasladh. Cha bu chòir gabhail ris, agus ’s ann à neo-ionannachd nas leatha nar comann-sòisealta a tha e ag èirigh. Bidh sinne a’ dèanamh fiughair ri obrachadh còmhla ri luchd-poilitigs às gach pàrtaidh airson fuasglaidhean seasmhach a lorg gus a’ Ghàidhlig a ghlèidheadh mar chànan coimhearsnachd. Tha sinn an dòchas gun lean gnìomhan poileasaidh ar manifesto gu atharrachadh susbainteach agus, mu dheireadh, gu leas cànan dùthchasach na h-Alba. Gheibhear am manifesto againn an seo:  https://bit.ly/3cK2g9I [Beurla] This has been a challenging year in many ways, as Covid-19 continues to affect our lives more than anyone expected. We have also seen the publication of The Gaelic Crisis in the Vernacular Community, a thorough and in-depth analysis of the few remaining areas where Gaelic is spoken to any significant extent as a community language. With the Gaelic language beset by multiple crises, and with 2020 also marking 15 years since the enactment of the Gaelic Language Act (2005) and the establishment of Bòrd na Gàidhlig, it is now essential that we conduct a wide-ranging review of language policy in Scotland. The evidence presented in The Gaelic Crisis, along with the consistent experience of all those familiar with the Highlands and Islands, clearly demonstrates that the current policy approach is woefully ineffectual in reversing language shift in the vernacular community.
Misneachd view next year’s Scottish Parliament election, 2021, as an opportunity, perhaps the last opportunity we will have, to alter our approach to language policy in Scotland before it is too late. We are therefore publishing our manifesto as a challenge to Scotland’s political parties to take meaningful and substantive action in response to the multiple crises facing marginalised, rural, Gaelic speaking communities. The policies outlined in our manifesto would move us towards ‘Sustainable Gaelic Communities’: both traditional Island and rural communities and city-based network communities.
Our policy action points include language-focused interventions such as implementing Urras na Gàidhlig and the broader recommendations made in The Gaelic Crisis, expanding provision of community language development officers and setting local targets for language acquisition, as well as crucial wider socioeconomic policies such as controls on second homes and short-term rentals. We propose the relocation of higher salaried, permanent Gaelic jobs to Gaelic speaking communities, a review of education provision and expansion of Gaelic media provision. Our policies also cover adult learning, including the establishment of residential courses in Gaelic communities and the development of language resources. We propose a review of current legislation and development structures including the potential need for a new Gaelic Language Act.
Over the course of the election campaign, Misneachd will be promoting this policy platform to politicians of all parties in an effort to move the debate around Gaelic forward to meaningful action. The promotion and protection of the language must include wider recognition of the impact which economic iniquities and underinvestment in rural areas have on the language. This has been highlighted recently by young islanders in their campaign to address the islands’ housing crisis, which is itself linked to the lack of employment opportunities, unsustainable tourism, and an unregulated housing market. These are issues which have been addressed successfully elsewhere in the UK and internationally.
The survival of the Gaelic language and culture depends on the establishment of sustainable island communities. The economic clearance of young Gaels from the island communities in which they were raised is unacceptable and is the result of wider inequalities in society. We look forward to engaging constructively with politicians from all parties in finding sustainable solutions for the maintenance of Gaelic as a community language. We hope that the policy actions in our manifesto can lead to substantive change and the survival of Scotland’s indigenous language. Our manifesto can be accessed here:  https://bit.ly/3cK2g9I
0 notes
misneachdalba · 4 years
Text
CAIRT THAIGHEADAIS CHEILTEACH
’S e trioblaid mhòr a th’ anns a’ chruaidh-chàs taigheadais dhùthchail a tha a’ bagairt air àm ri teachd nan coimhearsnachdan cànanaich Ceiltich.
Tha  sinne mar bhuidhnean a tha a’ riochdachadh mion-chànain nan dùthchannan  Ceilteach a’ gairm gum feumar gnìomh faochnach a dhèanamh. Feumar an  cron a rinneadh do ar cànain is an coimhearsnachdan a dhìoladh – a’ gabhail a-steach cuid de sgìrean far nach eilear tuilleadh a’ bruidhinn ar cànain.
Tha  cion-dachaigheachd a’ dol am meud, le barrachd is barrachd eu-comasach fuireach sna sgìrean aca fhèin. 'S aithreach leinn gur ann mar thoradh phoileasaidhean nan Riaghaltasan tiomnaichte is meadhanach a tha seo. Tha iad sin a’ toirt a-steach teannas is deicheadan de neo-ionnannachd eacanomaigeach a chumas na coimhearsnachdan dùthchail air ais.
Tha  sinne mar sin ag iarraidh air ar Riaghaltasan sreath phoileasaidhean a chur an gnìomh gus dèanamh cinnteach gun urrainn do dhaoine a bhios a’ fuireach is ag obair ann an coimhearsnachdan dùthchail, a’ gabhail  a-steach na feadhainn iomallaichte is à mion-shluaghan, taigh fhaighinn  anns na coimhearsnachdan sin. Bhiodh seo na bhuannachd do na cànain is  shoirbheachas nan coimhearsnachdan againn, le aire ga toirt air  co-ionnannachd chothruim a dh’aindeoin clas, cinnidh neo gnè. Bu chòir na ceumannan seo gabhail a-steach na leanas:
cuir crìoch air a’ cheudad de dhàrna taighean taobh a-staigh coimhearsnachd,
atharraich am mìneachadh a thathar a’ toirt air taigheadas aig prìs reusanta gus an gabh an ceannach aig daoine air tuarastalan àbhaisteach ionadail,
thoir barrachd riaghlachaidh is cìs pheanasach a-steach air cleachdadh dàrna thaighean airson thaighean-màil AirBnB, ri taobh mìneachadh air cleachdadh thaighean neo flataichean gu lèir mar dàrna taighean neo AirBnB,
leasaich plana ro-innleachdail airson taigheadas is turasachd ann an sgìrean dùthchail gus cur an aghaidh cion thaighean do mhuinntir an àite,
tiomnaich cumhachdan planaidh, a’ toirt a-steach targaidean taigheadais, don ìre ionadail as fhreagarraiche, agus dèan riatanach gun cuirear planadh cànain an-sàs,
dùin laigsean neo dòighean seachnaidh lagha a cheadaicheas seachnadh chìsean,
reachdas seilbhe gus prìsean a smachdachadh, taicean sònraichte do luchd-labhairt mion-chànain gus fuireach sna coimhearsnachdan aca agus gus dèanamh cinnteach gun tèid taighean bàn a chleachdadh mus bi leasachaidhean ùra ann,
till taigheadas sòisealta gu seilbh phoblach, till taigheadas nach eil ga chleachdadh gu seilbh phoblach, agus dèan cinnteach gu bheil ìre sheilbh phoblaich an lùib leasachaidhean ùra,
thoir a-steach cìs air prothaidean uachdarain gus airgead a chur ri taighean bàn is dàrna taighean a thoirt air ais gu cleachdadh nan coimhearsnachdan ionadail,
brosnaich ath-nuadhachadh agus / neo togail thaigheadais sho-sheasmhach an dà chuid ann an stuthan togail is dòighean togail,
cuir an-sàs peanasan air daoine a dhiùltas taighean a thoirt seachad air mhàl do dhaoine a tha fo ana-cothrom sam bith.
Bhideo an seo: https://www.youtube.com/watch?v=C-IgNpgQgK4&feature=emb_logo
0 notes
misneachdalba · 4 years
Video
youtube

misneachdalba · 5 years
Text
TABHARTASAN
`S e buidheann gu tur saor-thoileach a th’ ann am Misneachd agus tha sinn a’ crochadh air daoine fa-leth gus taic a chumail rinn. Bidh sinn uile ag obair gu saor-thoileach a’ sgrìobhadh poileasaidhean, litrichean don Riaghaltas is pàipearan-naidheachd, msaa. Ach, tha cosgaisean an lùib nan tursan, taisbeanaidhean is foillsichidhean a nì sinn. Mar sin, bidh sinn a-nist a’ gabhail ri tabhartasan gus ar n-obair a chumail a’ dol agus gus togail air na tha sinn air dèanamh gu ruige seo. Ma tha sibh airson taic a thoirt dhuinn, faodaidh sibh sin a dhèanamh an-seo: https://paypal.me/misneachd?locale.x=en_GB
0 notes
misneachdalba · 5 years
Text
5 CEUMANNAN
Crìonadh na Gàidhlig: 5 ceumannan airson dèiligeadh ris an staing.
Tha Misneachd air pàipear-molaidhean ùr fhoillseachadh agus ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba is Bòrd na Gàidhlig na poileasaidhean a leanas a ghabhail os làimh:
1. Aithneachadh na stainge a tha fa chomhair na Gàidhlig is nan Gàidheal. 2. Maoineachadh fa leth airson Gàidhlig anns an dachaigh is anns a’ choimhearsnachd. 3. Barrachd obraichean Gàidhlig anns na h-eileanan. 4. A dh’ionnsaigh Achd Gàidhlig nas làidire. 5. Ro-innleachd aonaichte airson foghlam tro Ghàidhlig bho thràth-bhliadhnaichean gu ìre an oilthighe.
Leughaibh am pàipear an seo:
https://drive.google.com/file/d/1CpuhaFRdbQSB6s6_v9Sw3TQ8g5jkHzmj/view?usp=sharing
Tumblr media
16 notes · View notes
misneachdalba · 5 years
Text
PLANA NÀISEANTA NAN EILEAN
Tha Misneachd ag iarraidh air Riaghaltas na h-Alba measaidhean buaidh air cànan a thoirt a-steach do Phlana Nàiseanta nan Eilean. Bhiodh seo a’ ciallachadh gum biodh dleastanas air buidhnean poblach sgrùdadh a dhèanamh air buaidh nam poileasaidhean aca air a’ Ghàidhlig.
Tha Misneachd air seo a ràdh ann am freagairt do cho-chomhairleachadh air a’ chiad ‘Phlana Nàiseanta nan Eilean’, a tha a’ tighinn a-mach à Achd nan Eilean a thàinig an gnìomh an-uiridh.
An lùib a’ Phlana ùir seo bidh “Measaidhean Buaidh air Coimhearsnachdan nan Eilean”. Chan eil e buileach soilleir fhathast ciamar a bhios iad seo ag obair, ach tha Misneachd a’ creidsinn gu bheil cothrom ann barrachd taic fhaighinn do choimhearsnachdan Gàidhlig, ma bheirear ìmpidh air an riaghaltas an-dràsta.
Chaidh measaidhean buaidh air cànan a thoirt a-steach bho chionn goirid anns a’ Chuimrigh, mar eisimpleir ann an lagh planaidh, is thathar a’ dol an aon taobh ann an Èirinn.
Tha am beachd seo mu mheasaidhean buaidh air cànain a’ nochdadh anns a’ Phlana Radaigeach airson na Gàidhlig, pàipear-molaidhean a dh’fhoillsich Misneachd as t-fhoghar an-uiridh. Anns a’ Mhàrt 2019 rinn Misneachd sreath de choinneamhan poblach air feadh nan Eileanan an Iar anns an deach beachdachadh air seo am measg phoileasaidhean eile airson an cànan a neartachadh anns na coimhearsnachdan.
Air 20mh Màrt 2019 chuir an Dr Alasdair Allan, BPA nan Eileanan Siar, ceist mun chuspair seo air Iain Swinney anns a’ Phàrlamaid: “Am beachdaich an Riaghaltas air measadh buaidh chànanach a chur air dòigh airson nam poileasaidhean aige anns na h-eileanan gus am bi brosnachadh na Gàidhlig agus nan coimhearsnachdan Gàidhlig air àbhaisteachadh ann am poileasaidh eaconamach is sòisealta san fharsaingeachd?” Ged a dh’fhreagair Mgr. Swinney nach robh planaichean aig an riaghaltas seo a dhèanamh an-dràsta, tha e cudromach gu bheil a’ cheist air a thogail.
Ann an ceistean a’ cho-chomhairleachaidh air Plana Nàiseanta nan Eilean tha luaidh air “dualchas nàdair agus cultar (a’ gabhail a-steach dualchas cànanach), nam measg feumalachdan luchd-labhairt na Gàidhlig”. Ach tha Misneachd ag ràdh nach bu chòir coimhead air a’ Ghàidhlig mar chùis dualchais a-mhàin, ach mar chuspair a tha dlùth-cheangailte ri cùisean eaconamach, leithid bun-structar, taigheadas, turasachd sheasmhach, agus cumhachd a thoirt do choimhearsnachdan ionadail seach bailtean agus companaidhean mòra.
Gu h-àraid bu chòir barrachd obraichean Gàidhlig a bhith stèidhte ann an coimhearsnachdan Gàidhlig anns na h-eileanan, seach anns na bailtean mòra air tìr-mòr.
Tha Misneachd a’ toirt cuideam fa leth air na prìomhachasan a leanas, a bu chòir a bhith aig teis-meadhan poileasaidhean airson Gàidhlig anns na h-eileanan. Bidh sinn a’ foillseachadh pàipear mholaidhean air na puingean seo a dh’aithghearr:
Aideachadh gu bheil staing èiginneach fa chomhair Gàidhlig mar chànan coimhearsnachd, is an cànan ann an cunnart a bheatha.
Barrachd maoineachaidh airson taic a thoirt do Ghàidhlig mar chànan dachaigh is coimhearsnachd.
Barrachd obraichean Gàidhlig anns na h-eileanan a’ gabhail a-steach (a) obraichean ùra chruthachadh (m.e. anns na meadhanan); (b) barrachd obraichean a dhèanamh ‘Gàidhlig riatanach’; (c) cuid a dh’obraichean ann am buidhnean Gàidhlig air tìr-mòr a ghluasad dha na h-eileanan, (d) barrachd taic do dh’obraichean ann an raointean traidiseanta leithid croitearachd is iasgach, (e) preantasachdan tro mheadhan na Gàidhlig.
Aithneachadh foirmeil ann am poileasaidh air na Gàidheil mar mhion-shluagh cànanach tùsanach, agus air na sgìrean Gàidhlig is na feumalachdan sònraichte aca, a’ gabhail a-steach measaidhean buaidh air cànan.
Ro-innleachd aonaichte aig ìre nàiseanta is ionadail airson foghlam Gàidhlig bho sgoiltean-àraich gus an àrd-sgoil is an oilthigh.
Gheibhear freagairt Mhisneachd gu h-iomlan an-seo: https://drive.google.com/file/d/1mfIwyB2_rgf3Yx8cHnlPh5AkPk_Bw6hy/view?usp=sharing
Tha sinn a’ brosnachadh eileanaich is luchd na Gàidhlig na freagairtean aca fhèin a chur a-steach ron cheann-latha, 26mh den Iuchar, air làrach-lìn an Riaghaltais: https://www.gov.scot/publications/plana-naiseanta-nan-eilean-agus-stiuireadh-air-measaidhean-buaidh-air-coimhearsnachdan-nan-eilean/  
Tumblr media
0 notes
misneachdalba · 5 years
Text
GLÈIDHEADH CÀNAIN
Chuir MISNEACHD cuairt air dòigh anns na h-Eileanan Siar gus am Plana Radaigeach againn a thaisbeanadh agus gus beachdan an t-sluaigh a chluinntinn air "ath-bheòthachadh" no glèidheadh na Gàidhlig.
www.misneachd.scot/gleidheadhcanain
Tumblr media
0 notes
misneachdalba · 5 years
Text
CUAIRT MHISNEACHD SNA H-EILEANAN SIAR
Bha cuid bhon bhuidheann againn air chuairt anns na h-Eileanan Siar sa chiad sheachdain den Mhàrt 2019. Bha sreath thachartasan againn a’ taisbeanadh ar “Plana Radaigeach airson na Gàidhlig”, agus a’ cruinneachadh bheachdan daoine air an t-suidheachadh a th’ ann thaobh na Gàidhlig agus dè ghabhadh dèanamh gus a neartachadh.  ‘S ann a bha sinne a’ feuchainn ri beachdan a thrusadh, a thoireadh stiùireadh dhuinn anns na h-iomairtean againn. Tha cor na Gàidhlig ceangailte ris na duilgheadasan eile a bhios ro choimhearsnachdan eileanach, mar taigheadas, obraichean, gainnead sluaigh, is eile. Ma ‘s e oifigearan coimhearsnachd, taic do dh’obair an iasgaich, sgoiltean làn Ghàidhlig no eile as motha a dhìth bha sin airson na teachdaireachd sin a chluinntinn is a thoirt air adhart.
Tumblr media
0 notes
misneachdalba · 6 years
Text
PLANA RADAIGEACH AIRSON NA GÀIDHLIG
Dh’fhoillsich Misneachd ‘Plana Radaigeach airson na Gàidhlig’ aig a’ Mhòd ann an Dùn Omhain san Dàmhair 2018. Tha am pàipear seo a’ mothachadh gu bheil a’ Ghàidhlig a’ lagachadh gu luath mar chànan coimhearsnachd, agus a’ cumail a-mach nach eil an Riaghaltas agus Bòrd na Gàidhlig a’ toirt aire gu leòr dhan ghnothach.
’S e tha fa-near do Mhisneachd leis a’ ‘Phlana Radaigeach’ freagairt bhreithneachail, ach cuideachail, a thoirt dhan treas Plana Cànain Nàiseanta Gàidhlig (2018–2023), a chaidh fhoillseachadh anns a’ Ghiblean 2018 fo chumhaichean Achd na Gàidhlig (2005).
Nuair a thàinig am Plana Nàiseanta a-mach, ’s e cùis iomagain a bh’ ann nach tug luchd-poileataigs agus buidhnean Gàidhlig luaidh air rannsachadh a tha a’ sealltainn staing na Gàidhlig ann an coimhearsnachdan anns na h-eileanan, leithid aithisg air Siabost, Leòdhas, a chaidh a dhèanamh airson Bòrd na Gàidhlig agus fhoillseachadh ann an 2011.
Sheall an aithisg seo gu robh lagachadh mòr air tighinn air toirt seachad na Gàidhlig dhan ath ghinealach, agus gun robh i air a h‑àite chall mar phrìomh chànan na coimhearsnachd. Is dòcha gu bheil seo fìor mu na h‑Eileanan an Iar san fharsaingeachd, mar a tha rannsachadh eile gus sealltainn a dh’aithghearr.
B’ e na prìomh mholaidhean ann an aithisg Shiaboist dà-chànanachas uile-choitcheann  a bhrosnachadh gus am biodh cothrom aig a h-uile duine anns an sgìre pàirt a ghabhail tro Ghàidhlig ann an tachartasan, coinneamhan is beatha na coimhearsnachd uile gu lèir. Bhiodh seo air a choileanadh le barrachd taic do theaghlaichean le Gàidhlig, goireasan agus maoineachadh na b’ fheàrr airson Gàidhlig a theagasg do dh’inbhich, agus le bhith a’ toirt a-steach foghlam tro Ghàidhlig airson a h-uile pàiste anns na prìomh choimhearsnachdan Gàidhlig, gus nach biodh pàiste sam bith a’ call a’ chothroim a’ bhuannachd chultarail is eacanomaigeach chudromach seo bhith aca.
’S e cùis bhròin a th’ ann nach eil buaidh nam molaidhean seo ri fhaicinn anns a’ Phlana Nàiseanta ùr.
Tha Misneachd a’ gabhail molaidhean aithisg Shiaboist mar thoiseach-tòiseachaidh, ag argamaid gu bheil e riatanach na coimhearsnachdan anns na h‑eileanan a neartachadh ma tha prìomh phoileasaidhean eile, mar leudachadh foghlam tro Ghàidhlig agus craoladh, gu bhith seasmhach ann an Alba air fad.Tha am ‘Plana Radaigeach’ ag aithneachadh gum biodh suim airgid nach bu bheag a bharrachd bhon riaghaltas a dhìth airson na h‑amasan seo choileanadh. Ge-tà b’ urrainnear poileasaidhean a th’ ann mar-thà mar siostam nam planaichean Gàidhlig agus sruthan maoineachaidh a th’ ann an-dràsta chur gu feum nas èifeachdaiche cuideachd.
Tha Misneachd a’ dèanamh ceangal làidir eadar brosnachadh na Gàidhlig agus cùisean nas fharsainge a thaobh ceartas sòisealta agus cumhachd a thoirt seachad do choimhearsnachdan a chaidh iomallachadh. Tha e cudromach crìoch a chur air poileasaidhean cronail a thaobh nua-libearalas, teannas, meadhanachadh, laghan fearainn seann-fhasanta agus poileasaidhean taigheadais mì-fhreagarrach ma thathar gus coimhearsnachdan ath-bheòthachadh, agus a’ Ghàidhlig leotha.
A bharrachd air ceumannan fada nas làidire bho riaghaltas nàiseanta is ionadail is buidhnean eile, tha am ‘Plana Radaigeach’ ag aithneachadh gu bheil iomairtean aig ìre an t‑sluaigh le beachdan adhartach a dhìth airson an còmhradh mun cuairt air a’ Ghàidhlig atharrachadh, agus airson poileasaidhean oifigeil agus ìrean maoineachaidh a leasachadh aig a’ cheann thall.
Chaidh am ‘Plana Radaigeach’ a thaisbeanadh is a dheasbaireachd ann an sreath thachartasan air an cur air dòigh le Misneachd ann an Dùn Omhain airson am Mòd 2018 a chomharrachadh.
Leughaibh am Plana an-seo!
PDF ri fhaighinn an-seo!
Tumblr media
0 notes